Skip to content

Skip to table of contents

Dè Thuirt Ìosa mu Cuin a Thig an Deireadh?

Dè Thuirt Ìosa mu Cuin a Thig an Deireadh?

Mar a dh’ionnsaich sinn anns an artaigil roimhe, nuair a tha Am Bìoball a bhruidhinn mu crìoch an t-saoghail, chan eil e a’ ciallachadh an deireadh na talmhainn no mac an duine. Tha e a’ ciallachadh deireadh den siostam briste seo agus iad a tha a’ thoirt taic ris. Ach a bheil a’ Bhìoball ag ràdh cuin a bhios seo a’ tachairt?

SMAOINICH AIR DA AITHRIS AIG ÌOSA MU AN DEIREADH:

“Dèanaibh faire, air sgàth ’s nach aithne dhuibh an latha no an uair.”—MATA 25:13.

“Thoiribh an aire! Dèanaibh faire! Oir chan eil fios agaibh cuin a thig an t-àm.”—MARCUS 13:33.

Chan eil fios aig duine sam bith cuin a thig an deireadh den siostam seo. Ach stèidhich Dia latha agus uair airson deireadh a tighinn. (Mata 24:36) A bheil seo a’ ciallachadh ge-tà chan urrainn sinn a faighinn a-mach cuin a thig an deireadh? Chan eil. Dh’iarr Ìosa air na dheisciobail a coimhead a-mach airson thachartasan a bhith a’ sealltainn gun robh an deireadh faisg ri laimh.

AN SOIDHNE

Bidh na thachartasan seo soidhne de “deireadh na linne.” Thuirt Ìosa: “Oir èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh gortan agus crithean-talmhainn ann an iomadh àite.” (Mata 24:3, 7) Thuirt e cuideachd gum bi “plàighean” ann—galaran uabhasach. (Lùcas 21:11) A bheil thusa a’ faicinn na bha Ìosa a fàidheadarachd?

San latha an-diugh tha daoine a’ fulaing air sgàth cogaidhean, acras agus crith-thalmhainn. Mar eisimpleir, ann an 2004, thachair crith-thalmhainn mòra san Cuan Innseanach. Air sgàth sin bha tsunami ann is bhàsaich cuid is 225,000 dhaoine. Air sgàth a Chorona-Bhìoras thairis air tri bliadhnaichean bhàsaich cuid is 6.9 millean air feadh an t-saoghal. Thuirt Ìosa gum bi thachartasan mar seo a’ sealltainn gu bheil deireadh an siostam seo faisg oirnn.

“NA LÀITHEAN DEIREANNACH”

Tha Am Bìoball a’ dealbhadh an àm ro an deireadh mar “na làithean deireannach.” (2 Peadar 3:3, 4) Tha an Dara Litir Timòteus 3:1-5 ag ràdh anns na làithean deireannach bi daoine diùltadh moraltachan math (Chì am bogsa “ Dìreach Ro Deireadh An t-Saoghail.”) A bheil thusa fhaicinn daoine a tha fèineil, sanntach, borb, agus gun gràdh nàdarra san latha an-diugh? Tha seo fianais gu math soilleir gu bheil sin beò anns na làithean deireannach.

Dè cho fad ’s a bhith na làithean deireannach? Tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil e ùine goirid. An uairsin, bheir Dia gu sgrios “iadsan a’ sgrios na talmhainn.”—Taisbeanadh 11:15-18, 12:12.

THA PÀRRAS THALMHAINN RI LAIMH!

Mar-tha, tha Dia air a stèidheachadh an latha agus an uair far am bi e a’ cur crìoch air an siostam olc seo. (Mata 24:36) Tha tuilleadh deagh naidheachd ann ge-tà—chan eil Dia ag iarraidh neach sam bith tighinn gu sgrios. (2 Peadar 3:9) Tha Dia a’ thoirt dhuinn cothrom ag ionnsachadh mu deidhinn-san agus a bhith umhail ris. Carson? Air sgàth ’s gu bheil e ag iarraidh gum bi sinn beò ann saoghal ùr sam pàrras thalmhainn.

Tha Dia air cuir air dòigh prògram theagaisg a tha cuideachadh daoine ag ionnsachadh ciamar as urrainn dhaibh a bhith pàirt den saoghal ùr fo Rìoghachd Dhè. Thuirt Ìosa gum bi an deagh naidheachd mun Rìoghachd Dhè “air a shearmonachadh air feadh an t-saoghail gu lèir.” (Mata 24:14) Air feadh an t-saoghail, cur Fianaisean Iehòbha seachad billeanan de dh’uairean a’ shearmonachadh agus a’ teagaisg dhaoine mun dòchas a’ Bhìobaill. Thuirt Ìosa gum bi an searmonachadh seo air a dhèanamh air feadh an t-saoghail agus an uairsin thig an deireadh.

Tha ’n àm airson mac an duine a’ riaghladh cha mhòr seachad. Tha deagh naidheachd ann ge-tà faodaidh tusa a bhith beò ann am pàrras thalmhainn mar a tha Dia a’ gealladh. Bidh an t-artaigil a leanas a bruidhinn mu ciamar as urrainn thusa a bhith beò anns an t-saoghal ùr sin.

Tha am fàidheadarachd aig Ìosa mu na làithean deireannach a’ toirt dhuinn adhbhar airson dòchas