Skip to content

Skip to table of contents

Ciamar as Urrainn Dhut a Bhith Beò ann an Saoghal Ùr

Ciamar as Urrainn Dhut a Bhith Beò ann an Saoghal Ùr

Tha na h-artaigilean roimhe seo air shealltainn, gum bi Dia a’ cur gu crìoch an t-saoghal neo-diadhaidh olc seo leis na trioblaidean aige a dh’aithgheàrr. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil seo a dol a’ thachairt. Carson? Air sgàth ’s gu bheil Am Facal Dhè, Am Bìoball, a’ gealladh:

“Tha an saoghal a’ dol seachad.”—1 EÒIN 2:17.

Faodaidh sinn a bhith cinnteach gun mairidh feadhainn beò oir tha an rann mu shuas cuideachd a’ gealladh:

“Ach mairidh am fear a nì toil Dhè gu sìorraidh.”

Mar sin, ma tha sinn airson maireadh beò feumaidh sinn a dèanamh a mhiann Dhè. Airson a faighinn a-mach dè tha a mhiann Dhè, an toiseach feumaidh sinn a’ fàs eòlach air.

FAIGH EÒLAS AIR AN T-AON DIA FÌOR AGUS MAIRIDH SINN BEÒ

Thuirt Ìosa: “Is i seo a’ bheatha shìorraidh, gum biodh eòlas aca ortsa an t-aon Dia fìor.” (Eòin 17:3) Airson fanadh beò gu sìorraidh, feumaidh sinn a faighinn eòlach air Dia. Tha seo a’ ciallachadh barrachd na dìreach a chreidsinn gu bheil Dia ann, no aon no dhà rud ma deidhinn. Feumaidh sinn a bhith caraidean còmhla ris. Ma tha sinn ag iarraidh ar càirdeas a’ fàs nas làidire, feumaidh sinn a cur seachad ùine leis ar caraidean. ’S e an aon rud le Dia. Smaoinich air an fhìrinn a tha sinn a lorg sa Bhìoball, airson càirdeas le Dia a’ togail agus ga chumail.

LEUGH AM BÌOBALL, AM FACAL DHÈ, GACH LATHA

’S urrainn thusa a maireadh beò an deireadh an t-saoghail le ùrnaigh son cuideachas bho Dhia agus a’ dèanamh a mhiann aige

Feumaidh sinn ag ithe biadh gu tric airson a cumail beò. Ach thuirt Ìosa: “Chan ann le aran a-mhàin a bhios duine beò, ach leis a h-uile facal a thig o bheul Dhè.”—Mata 4:4.

An-diugh, tha sinn a lorg na facail aig Dia anns na duilleagan a’ Bhìobaill. Nuair a’ sgrùdaidh thu an leabhar naomh seo, ionnsaichidh thu dè rinn Dia o thùs, dè tha e dèanamh an-dràsta agus dè nì e san àm ri teachd.

DÈAN ÙRNAIGH RI DIA AIRSON CUIDEACHAS

Dè as urrainn dhut a’ dhèanamh ma tha thu ag iarraidh a leantainn an stiùireadh Dhè, ach, tha e duilich dhut stad a’ chur air na rudan a tha esan ag ràdh tha ceàrr? Ma tha, nuair a tha sinn nas eòlaiche air Dia, faodaidh e gar cuideachadh ann an dòigh sònraichte.

Smaoinich air boireannach le an ainm Sakura aig an robh beatha mì-mhoralta. Nuair a thòisich i a sgrùdadh a’ Bhìoball, ionnsaich i gun robh feum oirre a’ teichibh “O fheise mhì-mhoralta.”(1 Corintianaich 6:18) Thòisich Sakura ag ùrnaigh ri Dia airson neart agus stad i an droch-chleachdadh seo. Ach tha i fhathast a strì leis am buaireann seo. Thuirt i: “Ma tha droch-smuaintinn a’ tighinn a-steach na m’ inntinn, bidh mi a bruidhinn ri Iehòbha ann an ùrnaigh, oir tha fios agam, cha b’urrainn dhomh a’ ceannsachadh seo leam fhìn. Tha ùrnaigh gam chuideachadh a teann dlùth ri Dia.” Mar Sakura, tha milleanan air fàs eòlach air Dia. Agus tha e air thoirt seachad an neart a tha feum orra airson ag atharrachadh am beatha aca agus a dèanamh na rudan a tha e ag iarraidh.—Philipianaich 4:13.

Nuair a tha thu a fàs eòlach air Dia, bidh esan a fàs nas dlùithe riut-sa na caraid luachmhor. (Galàtianaich 4:9; Salm 25:14) Mar sin faodaidh thu a bhith beò anns an saoghal ùr aig Dia. Ach cò ris a bhios an saoghal ùr sin coltach? Bidh an ath h-artaigil a mìneachadh sin.

a Tha Iehòbha an t-ainm aig Dia mar a leugh sinn sa Bhìoball.