Skip to content

Skip to table of contents

Dè Bheir an Rìoghachd Dhè gu Buil?

Dè Bheir an Rìoghachd Dhè gu Buil?

Theagaisg Ìosa a dheisciobail ùrnaigh a dhèanamh gun tigeadh an Rìoghachd Dhè. Bha fios aige nach eil Dia ag iarraidh na cùisean uamhasach a tha tachairt air an talamh agus gu bheil an Rìoghachd Dhè an riaghaltas a-mhàin a cuir ceart na trioblaidean seo. Dè bheir an Rìoghachd Dhè gu buil?

NA RUDAN A THA AN RÌOGHACHD DHÈ AIR AN DÈANAMH MAR-THA

Anns an artaigil roimhe, smaoinich sinn mun soidhne a thug Ìosa dhuinn. Tha an soidhne a’ dearbhadh gu bheil an Rìoghachd Dhè stèidhichte ann an nèamh le Ìosa Crìost mar Rìgh.

Tha Am Bìoball ag ràdh nuair a thugadh e cumhachd na Rìoghachd air, thilgeadh e Sàtan agus a deamhain a-mach à nèamh. Tha na gnìomhan aca cuibhrichte a-nis air an talamh, sin an adhbhar a tha droch rudan air a bhith tachairt bho am bliadhna 1914.—Taisbeanadh 12:7, 9.

A dh’aindeoin cùisean a’ fàs nas miosa san t-saoghal, tha Ìosa mar Rìgh na Rìoghachd Dhè, air cuideachadh daoine timcheall air an t-saoghal. Ro dh’innis e mu obair foghlaim a’ Bhìobaill; tha mòran air feadh an t-saoghail ag ionnsachadh agus a’ cur air dòigh prionnsabalan a’ Bhìobaill san beatha an latha an-diugh. (Isaiah 2:2-4) Tha milleanan air ionnsachadh ciamar a gheibh iad beatha teaghlaich nas thoilichte agus na bi a’ cur obair no gnothaichean an t-saoghail sa phrìomh àite. Tha iad ag ionnsachadh ciamar a thig buannachdan dhaibhsan an-dràsta fhèin, agus bidh iad sluagh den t-seòrsa a tha Dia ag iarraidh anns an Rìoghachd.

DÈ NÌ AN RÌOGHACHD DHÈ A DH’AITHGHEARR?

Ged a tha Ìosa a’ riaghladh ann an nèamh, tha riaghaltasan mac an duine fhathast a’ riaghladh air an talamh. Stiùirich Dia do Ìosa: “Bi thusa ad uachdaran am meadhon do naimhdean.” (Salm 110:2) A dh’aithghearr, bheir Ìosa na naimhdean uile gu sgrios agus a’ toirt faochaidh dhan fheadhainn a tha umhail do Dhia.

Aig an àm sin, nì an Rìoghachd Dhè

  • A’ Cur às creideamh fallsa. Cha bhi creideamhan a theagaisg breugan mu Dhia is a rinn beatha duilich dha daoine ann idir. Tha Am Bìoball a’ sealltainn creideamh fallsa mar strìopach. Bidh iongnadh aig mòran leis a sgrios.—Taisbeanadh 17:15, 16.

  • A’ Cur gu crìoch riaghladh mac an duine. Nì an Rìoghachd Dhè an gnìomh airson crìoch a chur air riaghladh mac an duine gu bràth.—Taisbeanadh 19:15, 17, 18.

  • A’ Gearradh às daoine aingidh. Dè mu iad air slighe dona, daoine nach eil umhail do Dhia no airson atharrachadh? “Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn.”—Gnàth-fhacail 2:22.

  • A’ Cur às Sàtan agus na deamhain. Chan urrainn Sàtan agus na deamhain “na nàiseanan a mhealladh tuilleadh.”—Taisbeanadh 20:3, 10.

Dè tha seo a’ ciallachadh airson daoine a tha a’ gabhail ris an Rìoghachd Dhè?

NA RUDAN GUN DÈAN AN RÌOGHACHD DHÈ AIRSON MAC AN DUINE

Mar Rìgh ann an nèamh, nì Ìosa tuilleadh na riaghladair daonna sam bith na bha riamh. Bidh 144,000 a’ riaghladh còmhla ris a chaidh a ceannach bhon talamh. (Taisbeanadh 5:9, 10; 14:1, 3) Nì e cinnteach gum bheirear miann Dhè gu buil an seo air an talamh. Ach dè nì an Rìoghachd Dhè airson daoine a tha fuireach air an Talamh?

  • A’ Cur às tinneas agus bàs. “Chan abair am fear-àiteachaidh, ‘Tha mi tinn’” agus “Cha bhi am bàs ann tuilleadh”—Isaiah 33:24; Taisbeanadh 21:4.

  • A’ Dearbhadh sìth fìor agus tèarainteachd “Is mòr a bhios sìth do chloinne.” Agus “suidhidh iad gach duine fo a fhìonain, agus fo a chrann-fige fhèin, agus cha chuir aon neach eagal orra.”—Isaiah 54:13; Micah 4:4.

  • A’ Toirt obair taitneach. “Mealaidh mo mhuinntir thaghte rè ùine fhada obair an làmh fhèin. Cha saothraich iad gu dìomhain.”—Isaiah 65:22, 23.

  • A’ Cuir ceart trioblaidean den àrainneachd.“Nì am fàsach agus an talamh tartmhor gàirdeachas air an son; agus bidh an dìthreabh ait’, agus thig e fo bhlàth mar an ròs.”—Isaiah 35:1.

  • A’ Teagaisg daoine dè dh’fheumas iad a dhèanamh, gum bi iad beò gu sìorraidh. “Agus is i seo a’ bheatha shìorraidh, gum biodh eòlas aca ortsa an t-aon Dia fìor, agus airsan a chuir thu a-mach, Ìosa Crìosd.”—Eòin 17:3.

Tha Dia ag iarraidh gum bi na beannachdan sin ort. (Isaiah 48:18) San ath artaigil ionnsaich dè faodaidh tu dhèanamh an-dràsta airson pàirt fhaighinn den saoghal mìorbhaileach a tha thighinn.