“Thigeadh do Rìoghachd”—Ùrnaigh Air Gabhail a-Rithist ’s a-Rithist le Milleanan de Dhaoine
An robh thu a-riamh ag ùrnaigh gun tig an Rìoghachd Dhè? Tharais air na linntean, tha milleanan air ùrnaigh “Thigeadh do Rìoghachd.” Carson an do rinn iad ùrnaigh mar seo? Air sgath’s gun do theagaisg Ìosa na dheisciobail ùrnaigh a dhèanamh airson na Rìoghachd Dhè.
An toiseach, cha do thuig an luchd-leantainn a h-uile rud a dh’innis e dhaibh mun Rìoghachd. Dh’fhaighnich iad aon turas: “A Thighearna, an ann aig an àm seo a dh’aisigeas tu an rìoghachd do dh’Israel?” Ach cha tug Ìosa dhaibh freagairt dìreach dhan cheist agus ’s dòcha gun robh iongnadh orra. (Gnìomhan 1:6, 7) A Bheil seo a’ ciallachadh nach urrainn sinn lorg a-mach cuin a thigeas an Rìoghachd Dhè? Chan eil idir!
Bidh an copaidh An Tùr na Fàire seo gad chuideachadh na freagairtean a lorg son na ceistean seo:
Carson a tha feum againn airson na Rìoghachd Dhè?
Cò tha Rìgh na Rìoghachd Dhè?
Cuin a bhios Rìoghachd Dhè a’ riaghladh na talmhainn?
Dè bheir an Rìoghachd Dhè gu buil?
Carson am bu chòir dhut taic a thoirt dhan Rìoghachd Dhè an-dràsta?
Dè th’ann an Rìoghachd Dhè?