Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 34

Ciamar is Urrainn Dhuinn a Sealltainn ar Gràdh airson Iehòbha?

Ciamar is Urrainn Dhuinn a Sealltainn ar Gràdh airson Iehòbha?

A bheil thu a’ faireachdainn nas fhaisge ri Dia bho thòisich thu Am Bìoball a sgrùdadh? An toil leat a neartachadh do chàirdeas ris? Ma tha, cuimhnich, nuair a chì Iehòbha do ghràdh a fàs nas motha, bidh an gràdh agus cùram aigesan ort a’ fàs nas motha cuideachd. Ciamar is urrainn dhutsa a sealltainn do ghràdh dha?

1. Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn do Iehòbha gu bheil gràdh againn air?

Bidh sinn a’ sealltainn ar gràdh airson Iehòbha nuair a tha sinn umhail dha. (Leugh 1 Eòin 5:3.) Cha bhi Iehòbha a’ cur cuideam air duine sam bith airson a bhith umhail dha. An àite, bidh Iehòbha a’ leigeil dhuinn a co-dhùnadh ma bhios sinn umhail dha, no cha bhi. Carson? Air sgàth ’s gu bheil Iehòbha ag iarraidh gum bidh sinn “umhail on chridhe.” (Ròmanaich 6:​17) Tha seo a’ ciallachadh: tha e ag iarraidh gun èist thu ris a-mach à gràdh, agus chan eil gu bheil feum agad. Tha Earrannan 3 is 4 den leabhar seo air an dealbhadh airson gad chuideachadh gus sealltainn gràdh do Iehòbha le dèanamh na rudan a bheir toileachas dha agus a seachnadh na rudan nach eil.

2. Aig amannan carson a tha e doirbh ar gràdh a’ sealltainn do Iehòbha?

“Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein.” (Salm 34:19) Tha sinn uile ann an strì le neo-iomlanachd againn-fhìn. Cuideachd, aig amannan bidh sinn a’ dèiligeadh le trioblaidean eaconomaigeach, mì-cheartas, agus duilgheadasan eile. Nuair a tha sinn a’ giùlain trioblaidean, chan eil e an-còmhnaidh furasta ag èisteachd ri Iehòbha, air sgàth aig amannan tha e nas fhasa an t-slighe ceàrr a leantainn. Ach nuair a tha thu ag èisteachd ri Iehòbha gu dìleas, bidh thu a’ sealltainn gu bheil e nas cudromaiche dhut na dad sam bith eile. Nuair a tha thu dìleas dha, bidh esan dìleas dhutsa cuideachd. Oir thuirt esan nach fhàg e thu gu bràth.​—Leugh Eabhraidhich 13:5b.

IONNSAICH TUILLEADH

Sgrùd carson a tha Iehòbha toilichte nuair a tha thu dìleas dha agus dè bhios gad chuideachadh seo a dhèanamh.

3. Cùis a tha thusa nad phàirt ris

A rèir an leabhar a’ Bhìobaill Iob, rinn Sàtan casaid nach eil an aghaidh Iob a-mhàin, ach an aghaidh a h-uile duine a tha ag iarraidh a frithealadh Iehòbha. Leugh Iob 1:1, 6–2:10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A rèir Sàtan, carson an robh Iob umhail do Iehòbha?—Faic Iob 1:​9-​11.

  • Dè thuirt Sàtan mun a h-uile duine, thusa na measg?​—Faic Iob 2:4.

Leugh Iob 27:5b, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar an do sheall Iob gun robh fìor-ghràdh aige air Iehòbha?

Sheall Iob a ghràdh airson Iehòbha le bhith dìleas dha

Tha sinn a’ sealltainn gràdh airson Iehòbha nuair a tha sinn dìleas dha

4. Dèan cridhe Iehòbha toilichte

Leugh Gnàth-fhacal 27:11, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn nuair a tha thu glic agus umhail dha? Carson?

5. Faodaidh tu a bhith dìleas do Iehòbha

Tha ar gràdh airson Iehòbha gar gluasad ag innse feadhainn eile ma dheidhinn. Tha ar dìlseachd gar gluasad seo a dhèanamh fiù ’s nuair a tha e doirbh. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • An robh thu a-riamh a’ faireachdainn gun robh e doirbh ag innse no a bruidhinn ri feadhainn eile mu Iehòbha?

  • Sa bhidio, dè chuidich Grayson an t-eagal a cheannsachadh?

Tha e nas fhasa a bhith dìleas do Iehòbha nuair a tha gràdh againn air na rudan an toil leis agus tha gràin againn air na rudan cha toil leis. Leugh Salm 97:​10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Stèidhte air na tha thu air ionnsachadh, dè na rudan a tha ­Iehòbha toilichte leis? Agus dè na rudan nach eil e toilichte leis?

  • Ciamar a dh’ionnsaicheas tu gràdh airson math agus gràin airson dona?

6. Bidh sinn a’ buannachadh nuair a tha sinn umhail do Iehòbha

’S e an rud as fheàrr a bhith an-còmhnaidh ag èisteachd ri Iehòbha. Leugh Isaiah 48:17, 18, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • An urrainn earbsa a bhith againn an-còmhnaidh gu bheil fios aig Iehòbha an rud as fheàrr dhuinn? Dè do bheachd? Carson?

  • Gun ìre seo, ciamar a tha thu air buannachadh bho ionnsachadh mun a’ Bhìoball agus an Dia fìor, Iehòbha?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil e gu diofar do Dhia dè nì mi.”

  • Dè an sgriobtar a chleachdas tu airson sealltainn gun urrainn ar gnìomhan a toirt buaidh air faireachdainnean Iehòbha?

GEÀRR-IOMRADH

Bidh thu a’ sealltainn do ghràdh airson Iehòbha nuair a tha thu ag èisteachd ris agus a’ chumail dìleas dha, fiù ’s nuair a tha e doirbh.

Ath-sgrùdadh

  • Dè tha sinn ag ionnsachadh bho eisimpleir Iob?

  • Ciamar is urrainn dhut a sealltainn do ghràdh airson Iehòbha?

  • Dè bhios gad chuideachadh a chumail dìleas ri Iehòbha?

Amas

RANNSAICH

Lorg ciamar is urrainn dhut a bhith dìleas ri Iehòbha agus an co-thionail.

“With Someone Loyal You Act in Loyalty” (16:49)

Ionnsaich tuilleadh mun ­casaidean Sàtain an aghaidh dhaoine.

“Chum Iob na Dhuine Ionraic” (Am Bìoball​—Dè am Fios a Tha e a’ Toirt Seachad? earrann 6)

Smaoinich air ciamar is urrainn feadhainn òga a sealltainn gràdh airson Iehòbha.

Make Jehovah Happy (8:​16)

Ciamar is urrainn cuideigin òg a tha fo chuideam bho òganaich eile a chumail dìleas do Dhia?

Stand Up to Peer Pressure (3:​59)