Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 3

A Bheil an Deagh-Naidheachd bho Dhia gu Dearbh?

A Bheil an Deagh-Naidheachd bho Dhia gu Dearbh?

1. Cò an t-Ùghdar a’ Bhìobaill?

Tha an deagh-naidheachd gum bi mac an duine beò air an talamh gu bràth sgrìobhte anns a’ Bhìoball. (Salm 37:29) Tha am Bìoball cruinneachadh de 66 leabhraichean nas lugha. Chleachd Dia 40 daoine dìleas airson sgriobhaidh. Thòisich Maois a’ chiad chòig den leabhraichean sin a sgrìobhadh, barrachd na 3,500 bliadhnaichean sa chaidh agus bha an leabhar mu dheireadh air a sgrìobhadh leis an abstol Eòin barrachd na 1,900 bliadhnaichean sa chaidh. Cò leis a tha na beachdan a chuir iad ann? Bhruidhinn Dia còmhla ri na sgrìobhadairean leis an spiorad naomh. (2 Samuel 23:2) Sgrìobh iad sìos na smuaintean Dhè; cha b’ e na beachdan aca fhèin. Air sgàth seo ’s e Iehòbha a tha an t-Ùghdar a’ Bhìoball.—Leugh 2 Timòteus 3:16; 2 Peadar 1:20, 21.

Seall air a’ bhideo Cò an t-Ùghdar a’ Bhìoball?

2. Ciamar an dèan sinn cinnteach gu bheil Am Bìoball firinneach?

Tha fios againn gu bheil Am Bìoball bho Dhia oir tha am Bìoball ag innse dhuinn mun t-àm ri teachd gu mionaideach. Cha b’urrain duine sam bith a dèanamh sin. (Iosua 23:14) ’S e dìreach Dia Uile-Chumhachdach a dh’fhaodadh ro-shealladh gu ceart mun àm ri teachd de dhaoine.—Leugh Isaiah 42:9; 46:10.

Smaoinichidh sinn gum bi leabhar bho Dhia nan aonar, agus tha e. Tha billeanan de chopaidhean air a bhith sgaoileadh ann an ceudan de chànain. A dh’aindeoin gu bheil e aosda, tha Am Bìoball ag aontachadh le saidheans dearbhte. Cuideachd, tha na 40 sgrìobhadairean còrdail ri chèile. * Cuideachd, tha Am Bìoball a’ sealltainn dhuinn gu dearbh an gràdh aig Dia dhuinn, agus fhathast tha cumhachd aig a’ Bhìoball airson beatha nas fhèarr a thoirt dhaibh. Tha milleanan de dhaoine cinnteach gu bheil am Bìoball am Facal Dhè.—Leugh 1 Tesalonianaich 2:13.

Seall air a’ bhideo Ciamar An Dèan Sinn Cinnteach Gu Bheil Am Bìoball Fìrinneach?

3. Dè tha Am Bìoball mu dheidhinn?

Tha Am Bìoball a’ cur fòcas air an deagh-naidheachd mu mhiann gràdhach aig Dia airson mac an duine. Tha na sgriobtaran a’ mìneachadh mun dhòigh a chaill daoine a’ phribhleid airson fuireach anns a’ phàrras thalmhainn cho tràth anns an eachdraidh aca agus ciamar a thig e air ais.—Leugh Taisbeanadh 21:4, 5.

Tha laghan, prionnsabalan agus comhairle anns Am Facal Dhè. Cuideachd, tha am Bìoball ag innse dhuinn de rinn Dia ri daoine a rinn math agus an fheadhainn a rinn droch rudan. Bho na h-eisimpleirean seo, ionnsaichidh sinn de seòrsa pearsantachd a tha aig Dia. Cuidichidh a’ Bhìoball eòlas a bhith agad air Dia agus ag innse dhut ciamar a bhios tu nad charaid Dhè.—Leugh Salm 19:7, 11; Sheumais 2:23; 4:8.

4. Ciamar a gheibh thu tuigse a’ Bhìobaill?

Bidh an leabhran seo gad chuideachadh am Bìoball a thuigsinn leis an aon dhòigh a theagaisg Ìosa. Chleachd e iomadh sgriobtaran agus “eadar-mìnich e dhaibh anns na Sgriobtaran.”—Leugh Lùcas 24:27, 45.

Chan eil mòran a tha cho beò-ghlacmhor na an deagh-naidheachd aig Dia dhuinn. Ach, tha feadhainn leth-coma, agus feadhainn eile feargach leis. Na bi gun misneachd. Tha do dhòchas ri fhaighinn beatha gu brath a’ crochadh ort fhèin a bhith fàs eòlach air Dia.—Leugh Eòin 17:3.

 

^ paragraf 3 Faic an leabhran A Book for All People.